Skip to navigation
Menu
Search
national-park-authority-headquarters-building-with-logo-prominent

Mar a nithear gearan

Tha sinn gu mòr airson seirbheis àrd-ìre a thoirt seachad agus tha sinn a’ cur fàilte an dà chuid air fios air ais a tha fàbharach agus air gearanan. Cleachdaidh sinn am fiosrachadh seo gus piseach a thoirt air an obair againn.

Tha an duilleag seo a’ toirt cunntas air dòigh-obrach nan gearanan againn, air mar a nithear gearan no mar a bheirear seachad fios air ais, agus air dè a nì sinne.

Ciamar a nì mi gearan?

Tha sinn a’ mìneachadh gearan san dòigh a leanas: ‘Nuair a co-dhiù aon bhall den phoball a’ cur an cèill nach eil iad riaraichte le rud(an) a rinn no nach do rinn Ùghdarras na Pàirce, no le ìre na seirbheis a thug Ùghdarras na Pàirce seachad no a chaidh a thoirt seachad às leth Ùghdarras na Pàirce.

Ma nì thu gearan gu dìreach don neach-obrach ris a bheil thu a’ dèiligeadh, dh’fhaodte gun gabh an duilgheadas fhuasgladh gu luath agus gu furasta.

Air neo, faodaidh tu:

  • Sgrìobhadh thugainn aig: Prìomh Oifis Pàirc Nàiseanta Loch Laomainn is nan Tròisichean, Carrochan, Rathad Charrochan, Bealach, G83 8EG
  • Post-d a chur thugainn aig info@lochlomond-trossachs.org

Gabhaidh sinn ri gearanan suas ri sia miosan bhon ceann-latha a thachair an nì mu bheilear a’ dèanamh gearan.

Tha Dòigh-obrach Làimhseachaidh nan Gearanan – Treòir do Luchd-cleachdaidh ag innse dhut dè nì sin. A bharrachd air seo, tha Poileasaidh Giùlan ris nach Gabhar againn airson nan dàimhean a th’ againn le buill den phoball a tha a’ tadhal oirnn no a’ cur fios thugainn.

Clàraichidh sinn gach gearan agus foillsichidh sinn geàrr-chunntas san Aithisg Bhliadhnail againn gach bliadhna.

Dòigh-obrach nan gearanan

Ìre 1 –  Fuasgladh sa chiad dol a-mach

Tha fuasgladh sa chiad dol a-mach ag amas air gearanan a tha sìmplidh agus nach eil feumach air rannsachadh/air mòran rannsachaidh fhuasgladh gu luath. ’S e an t-amas againn gun tèid seo a dhèanamh taobh a-staigh còig làithean obrach.

Mur a tèid againn air an gearan agad fhuasgladh taobh a-staigh còig làithean obrach air adhbhar sam bith, cuiridh sinn fios thugad gus bruidhinn air na roghainnean. Dh’fhaodte gum bi seo a’ gabhail a-steach sìneadh den chlàr-ama thùsail no, ma tha a’ chùis nas toinnte na bha sinn an dùil an toiseach, a bhith a’ dèanamh rannsachadh nas toinnte (Ìre 2).

Ìre 2 – rannsachadh

Tha ìre an rannsachaidh a’ dèiligeadh ri trì seòrsaichean gearain:

  1. Cùisean nach deach fhuasgladh aig Ìre 1
  2. Cùisean a tha toinnte nan nàdar agus/no far a bheil e follaiseach sa chiad dol a-mach gu bheil rannsachadh mionaideach a dhìth
  3. Cùisean a tha a’ gabhail a-steach buill den àrd-sgioba stiùiridh

Nuair a tha sinn a’ cleachdadh Ìre 2:

  1. Leigidh sinn fios gun d’fhuair sinn an gearan agad taobh a-staigh trì làithean obrach
  2. Nuair a tha e iomchaidh, bruidhnidh sinn ribh mun ghearan agad gus an tuig sinn carson a tha thu  fhathast mì-riaraichte agus dè am fuasgladh a tha thu a’ sireadh
  3. Bheir sinn làn-fhreagairt dhut taobh a-staigh 20 latha-obrach.

Ma tha an rannsachadh fìor thoinnte agus ma bhios feum againn air nas fhaide na 20 latha-obrach gus an duilgheadas fhuasgladh, aontachaidh sinn ri clàr-ama ùr agus cumaidh sinn fios riut mun adhartas a tha sinn a’ dèanamh.

Sgrùdadh neo-eisimeileach bhon taobh a-muigh – Ombudsman Sheirbheisean Poblach na h-Alba

Ma tha thu air a dhol tro dhòigh-obrach nan gearanan againn, agus ma tha thu mì-thoilichte fhathast, faodaidh tu tagradh a dhèanamh gus Ombudsman Sheirbheisean Poblach na h-Alba (SPSO).

Mar as trice, chan urrainn dhan SPSO coimhead air:

  • Gearan neach deach tro dhòigh-obrach nan gearanan againn air fad. Feumaidh tu a bhith air fios fhaighinn mu bhuil a’ ghearain agad, aig ìre 2, mus tog thu e le SPSO.
  • Tachartasan a thachair, no a dh’ionnsaich thu mu dheidhinn, còrr is bliadhna air ais
  • Cùis a tha, no a bha, air beulaibh cùirt.

Is urrainn dhut fios a chur dhan SPSO aig:

Ombudsman Sheirbheisean Poblach na h-Alba 
Freepost EH641
DÙN ÈIDEANN
EH3 0BR
Fòn: 0800 377 7330
Facs: 0800 (0)377 7331
Post-d: ask@spso.org.uk

Ma tha gearan agad mun dol-a-mach aig fear/tè de na Buill Bùird againn, faodaidh tu na draghan agad a thogail le:

Coimiseanair nan Inbhean Poblach
39 Gàrraidhean Drumsheugh
DÙN ÈIDEANN,
EH3 7SW
Fòn: 0300 011 0550
Facs: 0131 220 5419
Post-d: investigations@ethicalstandards.org.uk

Back to top
Skip to content