Tha sinn gu mòr airson seirbheis àrd-ìre a thoirt seachad agus tha sinn a’ cur fàilte an dà chuid air fios air ais a tha fàbharach agus air gearanan. Cleachdaidh sinn am fiosrachadh seo gus piseach a thoirt air an obair againn.
Tha an duilleag seo a’ toirt cunntas air dòigh-obrach nan gearanan againn, air mar a nithear gearan no mar a bheirear seachad fios air ais, agus air dè a nì sinne.
Tha sinn a’ mìneachadh gearan san dòigh a leanas: ‘Nuair a co-dhiù aon bhall den phoball a’ cur an cèill nach eil iad riaraichte le rud(an) a rinn no nach do rinn Ùghdarras na Pàirce, no le ìre na seirbheis a thug Ùghdarras na Pàirce seachad no a chaidh a thoirt seachad às leth Ùghdarras na Pàirce.’
Ma nì thu gearan gu dìreach don neach-obrach ris a bheil thu a’ dèiligeadh, dh’fhaodte gun gabh an duilgheadas fhuasgladh gu luath agus gu furasta.
Air neo, faodaidh tu:
Gabhaidh sinn ri gearanan suas ri sia miosan bhon ceann-latha a thachair an nì mu bheilear a’ dèanamh gearan.
Tha Dòigh-obrach Làimhseachaidh nan Gearanan – Treòir do Luchd-cleachdaidh ag innse dhut dè nì sin. A bharrachd air seo, tha Poileasaidh Giùlan ris nach Gabhar againn airson nan dàimhean a th’ againn le buill den phoball a tha a’ tadhal oirnn no a’ cur fios thugainn.
Clàraichidh sinn gach gearan agus foillsichidh sinn geàrr-chunntas san Aithisg Bhliadhnail againn gach bliadhna.
Ìre 1 – Fuasgladh sa chiad dol a-mach
Tha fuasgladh sa chiad dol a-mach ag amas air gearanan a tha sìmplidh agus nach eil feumach air rannsachadh/air mòran rannsachaidh fhuasgladh gu luath. ’S e an t-amas againn gun tèid seo a dhèanamh taobh a-staigh còig làithean obrach.
Mur a tèid againn air an gearan agad fhuasgladh taobh a-staigh còig làithean obrach air adhbhar sam bith, cuiridh sinn fios thugad gus bruidhinn air na roghainnean. Dh’fhaodte gum bi seo a’ gabhail a-steach sìneadh den chlàr-ama thùsail no, ma tha a’ chùis nas toinnte na bha sinn an dùil an toiseach, a bhith a’ dèanamh rannsachadh nas toinnte (Ìre 2).
Ìre 2 – rannsachadh
Tha ìre an rannsachaidh a’ dèiligeadh ri trì seòrsaichean gearain:
Nuair a tha sinn a’ cleachdadh Ìre 2:
Ma tha an rannsachadh fìor thoinnte agus ma bhios feum againn air nas fhaide na 20 latha-obrach gus an duilgheadas fhuasgladh, aontachaidh sinn ri clàr-ama ùr agus cumaidh sinn fios riut mun adhartas a tha sinn a’ dèanamh.
Ma tha thu air a dhol tro dhòigh-obrach nan gearanan againn, agus ma tha thu mì-thoilichte fhathast, faodaidh tu tagradh a dhèanamh gus Ombudsman Sheirbheisean Poblach na h-Alba (SPSO).
Mar as trice, chan urrainn dhan SPSO coimhead air:
Is urrainn dhut fios a chur dhan SPSO aig:
Ombudsman Sheirbheisean Poblach na h-Alba
Freepost EH641
DÙN ÈIDEANN
EH3 0BR
Fòn: 0800 377 7330
Facs: 0800 (0)377 7331
Post-d: ask@spso.org.uk
Ma tha gearan agad mun dol-a-mach aig fear/tè de na Buill Bùird againn, faodaidh tu na draghan agad a thogail le:
Coimiseanair nan Inbhean Poblach
39 Gàrraidhean Drumsheugh
DÙN ÈIDEANN,
EH3 7SW
Fòn: 0300 011 0550
Facs: 0131 220 5419
Post-d: investigations@ethicalstandards.org.uk